Plana nàiseanta ùr na Gàidhlig

  • 17 An Gearran 2017
Bòrd na Gàidhlig

Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig plana nàiseanta ùr na Gàidhlig airson na 5 bliadhna ri teachd ann an Glaschu Dihaoine.

Is e seo an treas plana nàiseanta a tha air a bhith ann.

Tha am plana a' toirt prìomhachais do dh'fhoghlam, ionnsachadh agus do Ghàidhlig 'sa choimhearsnachd a-measg eile gus piseach a thoirt air suidheachadh a' chànain.

Thèid co-chomhairle phoblach a' nis a chumail gus beachdan a thionnail air a' phlana ùr a tha am Bòrd a' moladh.

Piseach

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach gu bheil am plana "a' sealltainn dòighean cothromach gus a' Ghàidhlig a chur air adhart agus airson piseach a thoirt air suidheachadh a' chànain."

A bharrachd air foghlam, ionnsachadh agus coimhearsnachdan, thuirt Maighstear Dòmhnallach gu bheil am plana a' comharrachadh "nan ealan, nam meadhanan agus dualchais mar mheadhan gus an t-amas sin a thoirt gu buil"

Thuirt Leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim, Iain Swinney, gun deach adhartas a dhèanamh a thaobh taice don Ghàidhlig agus gu sònraichte ann am foghlam.

Gealltanasan

"Tha mi cinnteach gun cùm sinn oirnn a' togail air an obair ionmholta sin tro na gealltanasan a chithear san dreach seo den Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig air a bheilear a' cumail co-chomhairleachaidh", thuirt Mgr Swinney.

Gheibhear an dreach phlana mar leabhran no ann an cruth didseatach.

Mairidh an co-chomhairle trì mìosan agus feumaidh na freagairtean a bhith a-staigh ro 5f air 17mh den Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile