Fear a bhàsaich ann an teine air ainmeachadh

  • 17 An Gearran 2017
Taigh ann an Cill Donnain
Image caption Thòisich an teine feasgar Diciadain.

Chaidh fireannach a bhàsaich ann an teine na dhachaigh ann an Cill Donnain an Uibhist a Deas Diciadain ainmeachadh.

B' e Uilleam Hanks, a bha 83.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 5:40f Diciadain, agus chaidh aig luchd-smàlaidh air smachd fhaighinn air an teine.

Cha robh duine sam bith eile anns an taigh aig an àm.

Thuirt an Detective Inspector Ridseard Baird gun dèan na Poilis agus eòlaichean bhon t-seirbheis smàlaidh sgrùdadh mionaideach air an taigh, às dèidh dhan togalach a bhith air a dhèanamh sàbhailte.