Iomairt Ionad Spòrs Leòdhais

  • 17 An Gearran 2017
Ionad Spors Leòdhais
Image caption Bheir luchd-iomairt an t-airgead a thog iad 'son sgeama pìleat seachad dhan Chomhairle an ath-sheachdain.

Thuirt a' bhuidheann a tha a' strì airson Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid gun toir iad an t-airgead a thog iad 'son sgeama pìleat seachad do Chomhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain.

Bhòt comhairlichean san Dàmhair an-uiridh an aghaidh Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-sàbaid, ach thog a' bhuidheann-iomairt Families into Sport and Health, no FiSH, còrr is £11,000 airson an t-ionad fhosgladh.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar mar-thà gun do bheachdaich iad air a' chùis is gun deach co-dhùnadh deamocratach a ghabhail le comhairlichean.

Thuirt iad gun robh grunn adhbharan air cùl a' cho-dhùnaidh 's nach e ceist ionmhais a-mhàin a bh' ann.

Ach tha an luchd-iomairt ag ràdh gu bheil taic mhòr ann 'son an goireas fhosgladh air an t-Sàbaid.

Thuirt iad gun toir iad an t-airgead seachad dhan Chomhairle gu poblach Dihaoine seo tighinn, is gu bheil iad an dòchas gun gabh an t-ùghdarras e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo