Clionaigean cuimhne

  • 16 An Gearran 2017

Tha clionaigean cuimhne gu bhith air an stèidheachadh ann an grunn ionadan slàinte anns na h-Eileanan Siar airson dèiligeadh ri cùisean de dhementia.

'S e ionad meidigeach an Loch a Tuath ann an Steòrnabhagh a' chiad ionad a stèidhicheas an t-seirbheis, le clionaig cuideachd anns an amharc aig ionad meidigeach Langabhat.

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun cuidich seo le bhith a' dearbhadh nas luaithe ma tha duine a' fulaing le dementia.

Tha na drogaichean airson dementia nas èifeachdaiche nuair a tha an tinneas fhathast aig ìre thràth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile