Feum air obair choimiseanairean a shoilleireachadh

  • 15 An Gearran 2017
Cailean Ceannadach
Image caption Tha Cailean Ceannadach is Coimisean na Croitearachd air a bhith aig teis-meadhain connspaid anns na mìosan a chaidh seachad.

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba, an SCF, gu bheil e bunaiteach do Choimisean na Croitearachd gun tèid measadh is soilleireachadh a dhèanamh air dè dìreach a th' ann an obair nan coimiseanairean.

Bha a' bhuidheann a' toirt seachad am beachd air ath-sgrùdadh a rinn a' bhuidheann Scott-Moncrieff air Coimisean na Croitearachd às leth Riaghaltas na h-Alba.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air Coimisean na Croitearachd gluasad gu sgiobalta gus piseach a thoirt air obair na buidhne, is an ath-sgrùdadh air sreath fhada de "laigsean draghail" a lorg.

Tha Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, a-nise air iarraidh air Àrd-Stiùiriche ùr a' Choimisein, Bill Barron, plana gnìomha a dheasachadh.

Fàilte

Chuir an SCF fàilte air sin, is iad ag ràdh gun robh an ath-sgrùdadh air uireasbhaidhean fhaighinn ann an dòighean-obrach a' Choimisein, is mar a thathar a' dèiligeadh ri dol a-mach pearsanta neo-àbhaisteach.

Dh'iarr an SCF fhèin roimhe air Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a dhreuchd fhàgail.

Thuirt iad gur e bristeadh-dùil a th' ann dhaibh nach do mhìnich an ath-sgrùdadh ciamar a thachradh sin, ach gu bheil iad mothachail gun d' fhuair sgrùdadh air dol a-mach Fhearghais Ewing fhèin tron chonnspaid a bh' ann nach do rinn e dad ceàrr, is "gum fosgail sin roghainnean".

Thog iad gu sònraichte, ge-tà, air na nochd san ath-sgrùdadh mu obair nam coimiseanairean fhèin.

"Sheall an ath-sgrùdadh gu follaiseach gum feumar measadh a dhèanamh air dreuchd a' choimiseanair, is dè an trèanadh is leasachadh sgilean a tha a dhìth orra", thuirt cathraiche an SCF, Russell Mac a' Ghobhainn.

Eòlas

"Tha sinne gu sònraichte ag iarraidh soilleireachaidh air obair choimiseanairean is stiùireadh air cuin a bu chòir dhaibh a bhith a' fàgail cho-dhùnaidhean aig luchd-obrach aig àrd-ìre no aig buidhnean eile leis an eòlas iomchaidh.

"Bu chòir gur e obair chomhairlichidh is ro-innleachdail a-mhàin a bhios aca. Tha e follaiseach gun deach coimiseanairean an sàs nas doimhne na bha còir aca ann an suidheachaidhean is gun eòlas gu leòr aca mun deidhinn", thuirt e.

Dh'iarr an SCF gun seall am measadh a tha iad ag iarraidh sgarradh eadar obair faire nan coimiseanairean is obair an luchd-obrach aig àrd-ìre.

Tha sin "cho cudromach 's a ghabhas" 'son Choimisean na Croitearachd, thuirt iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile