Àireamhan suas aig CalMac

  • 14 An Gearran 2017
Aiseag

Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun do shiubhail còrr agus còig millean duine air na h-aiseagan aca an-uiridh.

'S e seo na figearan a b' àirde a bh' aca ann am fichead bliadhna.

Bha àireamh bhusaichean is charabadan coimearsalta sìos, ge-tà, air an t-slighe chonnspaidich eadar Armadal is Malaig.

Dh'èirich àireamh an luchd-siubhail gu lèir còrr agus 9% an-uiridh an taca ri 2015.

Uile gu lèir, chleachd 5,055,827 duine aiseagan ChalMac ann an 2016.

Cha robh àireamhan cho àrd ann bho 1997.

Bha àrdachadh mòr ann a thaobh nan seirbheisean gu Uibhist is Barraigh gu sònraichte, is seirbheisean a bharrachd ann.

Nuair a thòisich clàr-ama an t-Samhraidh ann an 2016, thòisich seirbheis ùr seachd là san t-seachdain eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Aig an aon àm, thòisich an Isle of Lewis air an t-slighe eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban, aiseag gu math nas motha na an Clansman a bh' air an t-slighe roimhe.

Leis na leasachaidhean sin, dh'èirich àireamh an luchd-siubhail bho Thìr-Mòr a Bharraigh agus Uibhist a Deas gu 66,108 - àrdachadh còrr is 16%.

Tha ceangal ga dhèanamh eadar na figearan is mar tha faraidhean aiseig air tuiteam ri linn RET.

Sheall na figearan cuideachd, ge-tà, gun do thuit an àireamh de bhusaichean a bha a' dol eadar Armadal is Malaig 15%, is gun robh carabadan coimearsalta air an t-slighe sìos 41%.

Tha muinntir Shlèite air a bhith a' gearain mun t-seirbheis aca bho chaidh am MV Còir' Uisg' a ghluasad a Mhuile an-uiridh, is iad ag ràdh nach eil na bàtaichean a chaidh na h-àite idir freagarrach.

Coinnichidh iad ri Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba an ath-mhìos is iad a' gealltainn "còmhradh gu math làidir" mun chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile