Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd. Chaidh an ìre, a rèir Chlàr Phrìsean an Luchd-ceannaich, suas gu 1.8% air a' mhìos a dh'fhalbh. B' e 1.6% a bh' ann anns an Dùbhlachd, a rèir Oifis an Staitistig Nàiseanta.

Mìcheal Flynn

Tha Comhairliche Tèarainteachd Nàiseanta a' Chinn-suidhe Trump, Mìcheal Flynn, air a dhreuchd a leigeil dheth às dèidh dha a thighinn am follais nach tug e làn chunntas seachad mu na còmhraidhean a bh' aige le tosgaire na Ruis. Bha e air cantainn nach do bhruidhinn e mu dheidhinn smachd-bhannan ris an tosgaire, ach dhearbh clàraidhean gun do rinn e sin. Dhiùlt an Kremlin càil a ràdh mun t-suidheachadh.

Dòmhnall Trump

Dhiùlt Riaghaltas Bhreatainn athchuinge a bha ag iarraidh stad a chur air turas-stàite a' Chinn-suidhe Trump. Tha ministearan ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air adhart ri fàilte a chur air Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, agus gu bheil làn chòir aige turas-stàite fhaighinn.

MOD

Tha luchd-lagha air an MOD a chàineadh ri linn 's gu bheil iad airson cur às do dhleastanas cùraim laghail a th' aca airson buill dhe na feachdan armaichte a tha an sàs ann an sabaid. Fo na planaichean, chan fhaigheadh saighdearan a th' air an lèon, no teaghlaichean feadhainn a chaidh a mharbhadh, air an Riaghaltas a thoirt gu lagh. Thuirt an MOD gum faigheadh daoine airgead-dìolaidh a bharrachd fo na planaichean aca.

Taighean

Tha Tulloch Homes ag ràdh gu bheil iad a' cur crìoch air planaichean deich bliadhna gus 800 taigh ùr a thogail an Inbhir Nis. Dheigheadh na taighean a thogail an cois ceangal-rathaid an iar a' bhaile. Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta ag obair air a' cheangal-rathaid, pròiseact a chosgas £55m. Nì an rathad feum a thaobh trafaig, ach tha cuid air a bhith ag ràdh bho thùs gun d' fhuair e cead gus an deigheadh taighean ùra a thogail.