Màrtainn Dorchester a' fuireach na dhreuchd

  • 13 An Gearran 2017
Màrtainn Dorchester Image copyright CalMac
Image caption Bha dùil gum fàgadh Màrtainn Dorchester a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt

Cha bhi àrd-stiùiriche ChalMac a-nis a' fàgail a dhreuchd aig deireadh na h-ath-mhìos, mar a chaidh ainmeachadh roimhe.

Dh'ainmich Màrtainn Dorchester san Dàmhair gum fàgadh e a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt, às dèidh dhan chompanaidh cùmhnant aiseagan an taobh siar a ghlèidheadh airson ochd bliadhna eile.

Thuirt e aig an àm sin gu robh e a' fàgail na companaidh airson aghaidh a chuir air "dùbhlain ùra".

Dh'ainmich Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, an t-seachdainn a chaidh gun deadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air seirbheisean aiseig na h-Alba, agus thuirt Mgr Dorchester gur e sin fear dhen na rudan a thug air a bheachd atharrachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile