Ionad fiaclaireachd ùr an Steòrnabhagh

  • 10 An Gearran 2017
Fiaclair Image copyright Thinkstock

Tha dùil gum bi ionad fiaclaireachd ùr a' fosgladh ann an Steòrnabhagh as t-Samhradh.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar an dòchas gun tèid aca air an liosta de dhaoine tha a' feitheamh a ghearradh gu mòr leis a' ghoireas ùr.

Chan eil ach aon ionad fiaclaireachd ann an Leòdhas an-dràsta is e suidhichte ri taobh Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh.

Tha cuid a' feitheamh suas ri dà bhliadhna airson a bhith clàraichte ann.

Bha àite neo-eisimeileach ann le mu 800 euslainteach ann an Ceann a' Bhàigh, ach dh'fhalbh am fiaclair gu h-obann air adhbharan pearsanta bho chionn bliadhna gu leth.

Bha dùil aig NHS nan Eilean Siar a' bheàrn san t-seirbheis a lìonadh nas tràithe - aig toiseach na bliadhna an-uiridh - ach cha do thachair sin.

Dhearbh iad, ge-tà, gu bheil fiaclair ùr aca a tha deònach obair air a cheann fhèin agus gu bheil dùil aca gum bi ionad ùr ann am meadhan a' bhaile fosgailte ron Iuchar.

Thathar an dòchas nach bi aig daoine ri feitheamh cho fada agus bidh roghainn aca cuideachd an e cùram prìobhaideach neo NHS a gheibh iad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile