Gealltanas ga thoirt mu Ionad Hillcrest

  • 9 An Gearran 2017
Nighean le cùl ris a' chamera a' suidhe air leabaidh

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, air a bhith a' dìon phlanaichean gus atharrachadh a thoirt air seirbheisean do chloinn sna h-Eileanan Siar, a tha feumach air coimhead às an dèidh.

Tha dachaigh chloinne Hillcrest a' toirt cùraim do chloinn anns na h-Eileanan an Iar ann an suidheachaidhean duillich, far a bheil uallach air an ùghdarras ionadail coimhead às an dèidh mura h-urrainn dhaibh fuireach le'm pàrantan no càirdean.

Bhòt mòr-chuid de chomhairlichean an t-seachdain seo airson planaichean an t-seirbheis atharrachadh, rud a shabhaladh £350,000 sa bhliadhna.

Ach, a rèir buidheann SNP na comhairle, chan eil plana soilleir gu leòr ann airson na tha an dàn dhan t-seirbheis.

Thuirt Mgr Caimbeul gun robh iad ag obair leis a' bhuidhinn Action for Children a tha a' ruith na dachaigh air goireas ùr a fhreagaireas air feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean.

Dh'fhaodadh an goireas ùr a bhith deiseil taobh a-staigh bliadhna gu leth.

Thug Mgr Caimbeul cuideachd barrantas nach robh an t-seirbheis neo cosnaidhean ann an cunnart.