Cùl ri prìosan Baile Mhuillinn an Lèigheis

  • 9 An Gearran 2017
Prìosan Inbhir Nis Image copyright Dr Neil Clifton/Geograph
Image caption Tha am prìosan a th' ann an-dràsta aig Porterfield ann am meadhan a' bhaile.

Tha Seirbheis Pgrìosan na h-Alba air dearbhadh gu bheil iad air cùl a chur ri planaichean gus prìosan ùr a thogail aig Baile Mhuillinn an Lèigheis air iomall Inbhir Nis.

Dh'èirich connspaid mu na planaichean, agus an làrach faisg air sgìre mhòir thaigheadais.

Tha Seirbheis nam Prìosan ag ràdh gun deach làrach ùr a lorg air cùlaibh pàirc mhalairt Inbhir Nis air taobh an ear a' bhaile.

Thuirt iad gun deach aonta a ruigsinn leis an fheadhainn aig a bheil an làrach an-dràsta, agus gun tèid iarrtas cead-dealbhachaidh a chur a-steach a dh'aithghearr.

Thèid am prìosan ùr an àite an t-seann phrìosain Bhictòrianaich a th' ann an-dràsta aig Porterfield ann am meadhan a' bhaile.