Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Sràid Downing nach eil fìrinn idir anns na h-aithrisean gum faodar cur às do Thaigh nam Morairean mura cuir an taigh taic ris a' bhile airson Brexit ris an do ghabh Taigh nan Cumantan an-raoir. Thuirt feadhainn faisg air an Riaghaltas an-raoir gum biodh mòran ag iarraidh cur às dhan taigh nam feuchadh na Morairean ri stad a chur air a' bhile. Thuirt ceannard nan Libearalach Deamocratach sna Morairean, am Morair Newby, gu bheil dleastanas air an taigh sgrùdadh a dhèanamh air a' bhile.

Cìs na Comhairle

Tha ceithir eile de dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' beachdachadh an-diugh air a' chis chomhairle a chur suas airson a' chiad uair ann an deich bliadhna. Tha dùil ri co-dhùnadh air buidseat an-diugh bho Chomhairle Dhùn Èideann, Comhairle nan Crìochan, agus comhairlean Shiorrachd Obar Dheathain agus Taobh Sear Rinn Friù, agus cead aca 3% a chur ris a' chìs chomhairle.

Comar nan Allt

Chaidh car de bhus-sgoile ann an Comar nan Allt sa mhadainn an-diugh. Bha mu 30 de chloinn air a' bhus. Chaidh còignear dhiubh sin a thoirt dhan ospadal, ach thuirt Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath nach deach duine dhiubh a ghoirteachadh gu ìre dhona sam bith.

Bràigh Mhàrr

Thuirt poilis gun do chaill aon duine am beatha ann an teine ann am Bràigh Mhàrr anns a' mhadainn an-diugh. Cha tug na Poilis an còrr fiosrachaidh seachad aig an ìre seo mun chùis.

Coimisean na Croitearachd

Thàinig Rùnaire a' Cheartais dhan cho-dhùnadh nach do bhris Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, riaghailtean sam bith anns an dòigh sa bheil e air a bhith a' dèiligeadh ri Coimisean na Croitearachd. Dh'iarr Mìcheal MacMhathain sgrùdadh an dèidh do dh'Fhear-Ghairm a' Choimisean, Cailean Ceannadach, sreath ghearainnean a thogail an aghaidh Mhgr Ewing.

Sgoiltean Dhùn Èideann

Gheibh comhairlichean ann an Dùn Èideann aithisg an-diugh air laigsean ann an sàbhailteachd a dh'fhàg 17 sgoiltean sa bhaile dùinte an-uiridh. Chuir àrd-ailltire seachad na sia mìosan mu dheireadh a' sgrùdadh na thachair.