Ewing air fhìrinneachadh

  • 9 An Gearran 2017
Feaghas Ewing

Cha deach Rùnaire nan Cùisean Dùthchail an aghaidh riaghailtean sam bith san dòigh san do dhèilig e le Coimisean na Croitearachd.

Sin a fhuair sgrùdadh a rinn Rùnaire a' Cheartais às dèidh do dh'Fhear-Ghairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, grunn ghearrainnean a thogail an aghaidh Fhearghais Ewing.

Thog Mgr Ceannadach na gearainnean aige an dèidh coinneimh chonnspaidich den Choimisean ann am Brùra an Cataibh san t-Sultain, 's e a' ceasnachadh cho-dhùnaidhean a rinn Mgr Ewing co-cheangailte ris a' Choimisean.

Bha Mgr Ceannadach feargach gun deach iarraidh air a' Choimisean leisgeul chroitearan iarraidh mu dheidhinn na dòigh san do làimhsich iad buaireadh nan comataidhean ionaltraidh.

On uairsin tha a' chonnspaid timcheall Mhgr Cheannadaich air leantainn agus tha cuideam air a bhith air Mgr Ewing iarraidh air Mgr Ceannadach seasamh sìos.

Ach chan eil e air a bhith comasach do Mhgr Ewing gnothach a ghabhail ris a' Choimisean fhad 's a bha sgrùdadh ga dhèanamh mu gearrainnean Mhgr Cheannadaich.

A-nis tha an Riaghaltas air dearbhadh gu bheil an sgrùdadh a chaidh a dhèanamh le Roinn a' Cheartais seachad, agus nach do rinn Mgr Ewing càil ceàrr.

'S e a' cheist a-nis dè a nì Mgr Ewing leis an t-saorsa co-dhùnaidhean a dhèanamh mu Choimisean na Croitearachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo