Fear-gairm Choimisean na Croitearachd a' maoigheadh a dhol gu lagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fear-gairm Choimisean na Croitearachd a' maoigheadh a dhol gu lagh

8 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fear-gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach , a' maoigheadh an Coimisean agus cuid dhen na coimiseanaran a thoirt gu lagh.

Tha esan den bheachd gun robh na thachair aig coinneamh ann am Brùra san t-Sultain an-uiridh an aghaidh an lagha.

Tha luchd-lagh Mhgr Cheanadaich cuideachd ag ràdh gu bheil an Coimisean air a chliù a mhilleadh.

Bha seo na adhbhar connspaid aig coinneamh den Choimisean an-diugh, mar a tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.