Cìs Chomhairle suas sna h-Eileanan

  • 8 An Gearran 2017
Comhairle nan Eilean Siar

Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar a' chìs chomhairle àrdachadh.

Bheachdaich iad Dimàirt air am bu chòir dhaibh a' chìs a chur suas às dèidh do Riaghaltas na h-Alba an reothadh a bh' oirre a thogail.

Dh'aontaich mòr-chuid de chomhairlichean nan Eilean Siar gum bu chòir an t-àrdachadh as motha a tha ceadaichte - 3% - a chur air a' chìs chomhairle.

Cosnaidh seo £380,000 a bharrachd dhan ùghdaras ionadail, a thèid a chur ann an stòras anns am bi còrr air £3m, gus cuideachadh a thoirt don ath-Chomhairle dèiligeadh ri gearraidhean eile.

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e mì-choltach dhuinn, 's sinn air a bhith ag èigheachd airson cothrom a' chìs chomhairle a chur an-àirde, is sinn a' cluinntinn anns na coinneamhan conaltraidh tron choimhearsnachd air fad gum biodh daoine leagte ri àrdachadh beag anns a' chìs chomhairle airson seirbheisean a dhìon," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Sin an rud a tha sinn air a dhèanamh, agus chan eil sinn a' tuigsinn carson is e droch rud a bhiodh an sin, gu h-àraid, agus an Riaghaltas fhèin ag ràdh, ma 's e 's nach cleachd sinn an cothrom a tha sin, tha iad gu bhith a' meas gu bheil airgead gu leòr againn. Tha sin dìreach mì-choltach.

"Tha gearraidhean fhathast againn ri fhaighinn air a' bhliadhna seo, de chòrr air £3m, a dh'aindeoin 's na thàinig a-steach bho diofar sporran," thuirt e.

Thèid an t-airgead a chur ann an stòras airson na h-ath-Chomhairle - ged a bha comhairlichean Nàiseantach a' moladh gum bu chòir a chosg air seirbheisean.

Chuir buill SNP air a' Chomhairle an aghaidh a bhith ag àrdachadh na cìse.

"An rud a tha a' cur teachdaireachd chun an Riaghaltais nach robh feum air an airgead, 's e a' cumail 10% den airgead a chaidh a thoirt dhut de dh'airgead nan daoine, ga ghlèidheadh 's gun ùsaideachadh idir," thuirt an comhairliche Nàiseantach, Dòmhnall Manford.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e sin an naidheachd a dh'fhaodadh riaghaltas sam bith a bhith a' faicinn, chan eil feum agad air."

Thig co-dhùnadh bho gach ùghdarras ionadail air feadh Alba air a' chùis thairis air na seachdainean a tha romhainn.

'S e Comhairle Dhùn Èideann a' chiad chomhairle mhòr a nì co-dhùnadh air am bu chòir àrdachadh a thoirt air a' chìs chomhairle, 's iad a' coinneachadh Diardaoin.

Tha dùil gun cuir a' mhòr-chuid de chomhairlean a' chìs suas, ged a tha aon air a ràdh mar thà nach deàn iad sin, 's tèile a' moladh àrdachadh nas lugha na 3%.