Cìs Chomhairle suas sna h-Eileanan

  • 7 An Gearran 2017
Comhairle nan Eilean Siar

'S e Comhairle nan Eilean Siar a' chiad chomhairle ann an deich bliadhna gus a' chìs chomhairle àrdachadh.

Beachdaichidh iad fhèin agus Comhairle Mheadhain Lodainn Dimàirt air am bu chòir dhaibh a' chìs a chur suas às dèidh do Riaghaltas na h-Alba an reothadh a bh' oirre a thogail.

Tha dùil gun cuir iad àrdachadh de 3% air a' chìs.

Nan tachradh sin dhan a h-uile duine sna h-Eileanan Siar, dheadh mu £500,000 a thogail.

Le buidseatan comhairle teann air feadh na dùthcha, 's e suim-airgid feumail a bhiodh an sin.

Thig co-dhùnadh bho gach ùghdarras ionadail air feadh Alba air a' chùis thairis air na seachdainean a tha romhainn.

'S e Comhairle Dhùn Èideann a' chiad chomhairle mhòr a nì co-dhùnadh air am bu chòir àrdachadh a thoirt air a' chìs chomhairle, 's iad a' coinneachadh Diardaoin.

Tha dùil gun cuir a' mhòr-chuid a' chìs suas, ged a tha aon air a ràdh mar thà nach deàn iad sin, 's tèile a' moladh àrdachadh nas lugha na 3%.