Dràibhear a dh'adhbharaich bàs "coma mu dhaoine eile"

  • 7 An Gearran 2017

Fhuair fireannach a dh'adhbharaich bàs caraid dha le a bhith a' dràibheadh gu cunnartach binn prìosain de shia bliadhna agus ceithir mìosan.

Chaill Marc Dòmhnallach smachd air a' chàr aige air an A99 aig Reiss, faisg air Inbhir Ùige, air an 12mh là den Ghearran 2015.

Bhàsaich Gavin Fearchar, 30, air nach robh crios-sàbhalaidh, às dèidh mar a chaidh a thilgeil a-mach à uinneig dheiridh a' chàr.

Bha e a' dol aig 113m.s.u. anns a' chumantas aig amannan an là a thachair an tubaist.

Thuirt am britheamh aig an Àrd-Chùirt an Dùn Èideann gun robh e a' coimhead coltach ris gun robh Marc Dòmhnallach "coma mu shàbhailteachd dhaoine eile".

Dh'aidich Dòmhnallach, 31, air a' mhìos a dh'fhalbh gun robh e ciontach.

Thuirt am britheamh gun robh Dòmhnallach air a bhith air a pheanasachadh roimhe airson droch dhràibheadh, agus gun robh 11 puingean peanais air a' chead dràibhidh aige nuair a thachair an tubaist.

B' urrainn dhan chàr aig Marc Dòmhnallach, Mitsubishi Lancer Evolution 7, a dhol bho 0-60m.s.u. ann an còig diogan.

Bha na fireannaich, a chaidh a thogail ann an Reiss, an dèidh a bhith aig adhlacadh sheanmhair Mharc Dhòmhnallaich an là a thachair an tubaist.