Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Dh'iarr Comataidh na Roinn Eòrpa ann an Holyrood gum bi aonta fa leth air in-imrich aig Alba às dèidh do Bhreatainn tarraing a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thuirt a' chomataidh gu bheil còrr 's 180,000 saoranach bhon EU a' fuireach ann an Alba agus gu bheil iad mì-chinnteach am bi cead aca fuireach anns an dùthaich.

Bhòtadh

Bha gnothach mòr aig aois agus foghlam anns an dòigh anns an do bhòt Alba ann an referendum an EU, a rèir sgrùdaidh a rinn am BBC. Tha an rannsachadh a' dèanamh dheth gun do bhòt sgìrean le barrachd luchd-bhòtaidh a bha nas sine no aig nach robh uimhir de dh'fhoglam airson tarraing a-mach às an EU. Sheall an sgrùdadh cuideachd gun robh grunn uàrdan ann an àiteachan leithid Banbh agus Buchan agus anns na h-Eileanan an Iar agus mu Thuath far an robh bhòt làidir ann airson an t-aonadh fhàgail.

Caidheag

Tha sgiobaidhean teasairginn a' sireadh duine a bha ann an caidheag agus a chaidh dhan uisge far chladach Shiorrachd Obar Dheathain madainn Disathairne. Chuirear fios air na buidhnean teasairginn an-dè gun robh Dominic Jackson, aois 35 bliadhna, anmoch a' tilleadh bho thuras deireadh-seachdain bho Chaladh Phort Saoithe. Tha grunn sgiobaidhean bàta-teasairginn, heileacoptair leis na maoir-chladaich agus na Poilis air a bhith a-muigh ga lorg.

Afganastan

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gun robh an àireamh de shìobhaltaich a chaidh a mharbhadh no a ghoirteachadh ann an Afganastan an-uiridh aig an ìre as àirde a chaidh a chlàradh a-riamh. Bhàsaich a' chuid as motha dhiubh anns an t-sabaid eadar feachdan an Riaghaltais agus reubaltaich. Thuirt riochdaire an UN airson Afganastain gun deach faisg air 11,500 duine a mharbhadh no a leòn agus gur e clann a bha ann an 3,500 dhiubh. Chaill 900 duine-cloinne am beatha.

Aiseagan

Thuirt comhairliche Barrach gu bheil cho mì-chinnteach 's a bha seirbheisean aiseig a' marbhadh eaconamaidh an eilein. A rèir Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn 's e an droch shìde a dh'fhàg gun deach seòlaidhean a chur dheth an t-seachdain a chaidh. Ach tha Dòmhnall Manford a' cumail a-mach gun robh làithean ann far an robh cothrom ann seòladh. Tha e air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, mun chùis.

Dòmhnall Trump

Rinn an Ceann-Suidhe Trump tuilleadh càinidh air a' bhritheamh a chur stad air a' chasg aige air luchd-siubhail bho sheachd dùthchannan far a bheil mòr-chuid de Mhuslamaich. Thuirt Mgr Trump gum bu chòir do dh'Aimeireaganaich am britheamh Seumas Raibeart a choireachadh ma thachras càil a chuireas tèarainteachd nan Stàitean Aonaichte ann an cunnart. Ann an sreath de theachdaireachdan air Twitter chuir e ìmpidh air oifigearan crìche sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air daoine a tha a' dol a-steach dha na Stàitean Aonaichte.