Wifi an asgaidh Inbhir Nis

  • 6 An Gearran 2017
Wifi Inbhir Nis

Chaidh pròiseact wifi an asgaidh a chur gu dol gu h-oifigeil ann am meadhan Inbhir Nis Diluain a leigeas le daoine ceangal ris an eadar-lìon mu thimcheall Margaidh Bhictorianach a' bhaile.

Thathas an dòchas gun tarraing e barrachd dhaoine dhan sgìre 'son maith ghnìomhachasan.

Tha maoineachadh de £500,000 dhan phròiseact a' tighinn bho Aonta Baile Inbhir Nis - ach tha dòchas ann gun tèid an aon rud a dhèanamh ann am pàirtean eile den Ghàidhealtachd.

Bheir a' chiad phàirt seo den phròiseact cothrom do dhaoine ceangal fhaighinn dhan eadar-lìon tro wifi an asgaidh anns a' Mhargaidh Bhictorianach, air na sràidean mu thimcheall air, agus mu Cheàrnag na Seabhaige.

Chaidh draghan a thogail roimhe taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd gur ann dìreach do dh'Inbhir Nis a-mhàin a bhiodh buannachd an Aonta Bhaile, seach pàirtean eile den Ghàidhealtachd a chuireadh feum air maoineachadh.

Thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Eilidh NicIlleMhìcheil, gu bheil e na amas wifi an asgaidh a sgaoileadh gu barrachd bhailtean air Ghàidhealtachd.

"Tha mi toilichte a ràdh an-diugh, gun tèid, an ceann ùine, an wifi a sgaoileadh gu àiteachan eile air Ghàidhealtachd," thuirt i.

"Agus air sgàth 's gun deach an obair a dhèanamh - agus chosg e airgead mòr seo a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach - bidh e nas fhasa."

Thèid an sgeama a leudachadh a-mach as t-Samhradh airson meadhan baile Inbhir Nis air fad.