Tuilleadh airgid do chomhairlean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Comhairlean na h-Alba a' faighinn barrachd airgid na bha dùil

3 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha comhairlean na h-Alba air a bhith a' tomhais buaidh co-dhùnadh an Riaghaltais tuilleadh airgid a thoirt dhaibh na bha dùil san ath-bhliadhn' ionmhais.

Thuirt Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail gu robh iad a' cur fàilte air an ochd fichead millean not a bharrachd sa bhuidseat airson comhairlean.

Ach tha e fhathast ro thràth a ràdh am bi cuid a ghearraidhean a bha san amharc aig na h-ùghdarrasan ionadail a' dol air adhart neo nach bi.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.