Seirbheisean adhair a bharrachd a Thiriodh

  • 3 An Gearran 2017
Port-adhair Thiriodh
Image caption Thèid 8 seirbheisean a bharrachd a thoirt seachad aig amannan trang as t-Samhradh.

Tha dùil ri barrachd luchd-tadhail ann an Tiriodh am-bliadhna agus Loganair air barrachd sheirbheisean fhoillseachadh aig na h-amannan as trainge, leithid an Fhèis Chiùil agus an Rèis 10k.

Chleachd còrr is 10,000 neach an t-seirbheis adhair eadar Glaschu agus Tiriodh ann an 2015, agus tha an àireamh de luchd-cleachdaidh fhathast ag èirigh.

Tha Loganair cuideachd a' cur siostaim ùir air bhonn, còmhla ri Buidhinn Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL), a chuidicheas plèanaichean a bhith a' laighe nuair a tha ceò ann.

An-dràsta, tha trioblaidean air a bhith aig plèanaichean a bhith a' laighe aig Port-adhair Thiriodh nuair a bhios ceò tiugh ann.

Bu chòir dhan t-siostam ùr a bhith deiseil airson a' chleachdadh as t-Samhradh 2017.

Seirbheisean a bharrachd

Tha Loganair cuideachd a' leudachadh na h-àireimh de dh'itealain a tha a' dol dhan eilean aig na h-amannan as trainge.

Bidh ochd seirbheisean a bharrachd ann eadar Glaschu agus Tiriodh aig amannan leithid an Fhèis Chiùil, Reis 10k agus an ultra marathon, agus coltas gu bheil iarrtas ann mar tha airson na tiocaidean a bharrachd sin.

A rèir Iain MhicAsgaill bho Fhòram Còmhdhail Eilein Thiriodh, bha e follaiseach gun robh an t-iarrtas ann airson nan seirbheisean a bharrachd.

"Bha iarrtas mòr ann aig àm nan tachartasan seo, bha e follaiseach, chan fheumadh tu ach coimhead ris an àireimh de litrichean a bha an luchd-eagrachaidh a' faighinn mun chùis. Agus a' coimhead ri siostaman reic thiocaidean Loganair, bha na h-itealain làn fada ron àm," thuirt e.

Chan ann a-mhàin do luchd-turais a bhios a' bhuannachd. Tha dòchas ann gum faigh a' choimhearsnachd buaidh às na seirbheisean a bharrachd cuideachd.

"Do dh'eileannaich a tha a' feuchainn ri faighinn air agus far an eilein, tha e cha mhòr do-dhèante aig na h-amannan as trainge," thuirt Uilleam MacIllEathain bho Urras Thiriodh.

"Tha e uabhasach cudromach gum faigh sinn leudachadh air an t-seirbheis gus cothrom a thoirt do dhaoine a dhol air falbh 'son obair, no cur-seachad. Chan ann a-mhàin do luchd-turais a tha na seirbheisean cudromach seo ach dhan a h-uile ball den choimhearsnachd."