Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Artaigil 50

Tha deasbad a' tòiseachadh ann an Taigh nan Cumantan feasgar air a bhile a bheireadh cead dhan Phrìomhaire tòiseachadh air na còmhraidhean airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Tha dùil gun tèid gabhail ris a' bhile aig bhòt air a' chùis an ath-oidhche, ged a tha an SNP, na Libearalaich Dheamocratach agus na h-uimhir de na buill Làbarach ag ràdh gum bi iad a' bhòtadh na aghaidh.

Trump

Chuir an Ceann-Suidhe Trump Àrd-Neach-Lagha eadar-amail nan Stàitean Aonaichte a-mach às an dreuchd. Dh'iarr Sally Yates air an roinn aice gun feart a thoirt air a' chasg-siubhail a dh'òrdaich an Ceann-Suidhe air luchd-siubhail à seachd dùthchannan a tha mòr-chuid Muslamach. Thuirt ise gu bheil i den bheachd nach eil an casg sin laghail.

'S tha còrr is 1.5m ainm a-niste air athchuinge ag iarraidh stad air turas stàite Dhòmhnaill Thrump a Bhreatainn. Thuirt am Morair Rickets - a bha na Àrd-Rùnaire aig Oifis nan Dùthchannan Cèine - gu bheil an cuireadh a' cur na Bàn-righinn ann an suidheachadh doirbh.

An Cuan a Tuath

Tha a' chompanaidh ola Shell a' reic an earrainnean ann am feadhainn de raointean ola a' Chuain a Tuath air faisg air £2.5bn. Thuirt a' chompanaidh a tha gan ceannach, Chrysaor, nach caill duine an cosnadh, agus nach atharraich cùmhnantan an luchd-obrach. Thuirt Shell gun lean iad orra le an obair anns a' Chuan a Tuath.

Pennilee

Chuir an carthannas Crimestoppers duais de £5,000 mu choinneimh fiosrachaidh mun oidhirp air duine a mhurt faisg air bun-sgoil ann an Glaschu bho chionn cola-deug. Chaidh losgadh le gunna air Ros Monaghan faisg air Bun-Sgoil an Naoimh Seòras ann am Pennilee air an 16mh là den mhìos.

Rannsachadh Drabastachd

Tha a' chiad ro-èisteachd ann an Dùn Èideann an-diugh aig an rannsachadh mu dhrabastachd agus droch-dhìol an aghaidh chloinne an Alba. Tha a' Bhana-Mhorair Nic a' Ghobhainn os cionn an rannsachaidh, a mhaireas, tha dùil, cho fada ri ceithir bliadhna.

A Dhìth

Tha poilis a' coimhead airson boireannaich 's a mac air nach eil sgeul bho chionn ceithir là. 'S ann aig stèisean rèile Inbhir Narann Dihaoine seo chaidh a bha an sealladh cinnteach mu dheireadh air Linzi Davis, a tha 36 bliadhna de dh'aois, agus a mac River Bain, a tha ochd bliadhna de dh'aois.

An t-Òb

Chuir a' choimhearsrnachd romhpa an-raoir seann sgoil an t-Òib ann an ceann a deas na Hearadh a cheannach bho Chomhairle nan Eilean Siar, ged nach eil fhios aca fhathast dè chosgas an togalach dhaibh. Tha iad am beachd gym, cafaidh agus laundrette a chur ann, agus tha iad ag iarraidh beachd mhuinntir na sgìre air dè na goireasan eile a dh'iarradh iad ann.