Taghadh Choimisean na Croitearachd

  • 30 Am Faoilleach 2017
Coimisean na Croitearachd

'S e 16 duine a thàinig air adhart 'son àite air Bòrd Chomisen na Croitearachd.

Cha bhi taghadh ann an sgìre Chataibh agus Arcaibh, no ann an sgìre Shealtainn, leis nach eil air seasamh anns na sgìrean sin ach aon duine.

Bidh taghadh ann ge-tà 'son chomisineirean ùra anns a h-uile sgìre eile.

Tha Fear-Gairm a' Chomisein, Cailean Ceannadach, a tha aig meadhan na connspaid mun bhuidhinn, a' seasamh a-rithist, agus tha ceathrar eile na aghaidh ann an sgìre Iar-Dheas na Gàidhealtachd.

Tha dithis a' seasamh anns na h-Eileanan an Iar: Alasdair MacEachainn à Beinn nam Fadhla agus Iain MacÌomhair à Leòdhas.

Thèid pàipearan baileat a-mach a dh'aithghearr agus feumar iad sin tilleadh ro 4:00f Diardaoin an 16mh là den Mhàrt.