Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Theresa May

Tha dùil gum bi malairt agus tèarainteachd aig bàrr a' chlàir-ghnothaich nuair a choinnicheas Theresa May ris a' Cheann-Suidhe Trump anns an Taigh Gheal feasgar. Ann an òraid air beulaibh Phoblachdach ann am Philadelphia a-raoir dh'iarr i gun deadh an "càirdeas sònraichte" eadar Breatainn agus Aimeireaga, mar a chanas cuid ris, ùrachadh. Thuirt i cuideachd nach bu chòir dhan dà dhùthaich a bhith a' dol an sàs ann an dùthchannan eile airson an saoghal atharrachadh.

Meagsago

Chaidh Meagsago an aghaidh beachd a thàinig bhon Taigh Gheal gur dòcha gun cuir iadsan cìs 20% air stuth a tha a' tighinn a-steach dhan dùthaich mar dhòigh air balla Mhgr Trump air a' chrìch a phàigheadh. Thuirt Meagsago gum biodh an stuth a bha iad a' reic ro dhaor an uair sin dha luchd-ceannaich Aimeireaganach.

Brexit

Thuirt dithis de chuip a' Phàrtaidh Làbaraich gu bheil iad deònach a dhol an aghaidh a' cheannaird aca, Jeremy Corbyn, agus bhòtadh an aghaidh bile a bheireadh cead dhan Riaghaltas am pròiseas gus an EU fhàgail a thòiseachadh. Thuirt Mgr Corbyn gun robh e a' tuigsinn an dragha a bha air cuid de na Buill-Phàrlamaid aige a bha a' riochdachadh roinnean-taghaidh far an do bhòt mòr-chuid airson fuireach anns an aonadh.

Sgoiltean

Bu chòir sgoiltean beaga air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh seach ceannardan àrd-sgoile a chur an ceann àrd-sgoiltean agus bhun-sgoiltean anns an sgìre, a rèir fhir a bha fad bhliadhnachan na cheannard-sgoile. Bha Donnchadh Fearghasdan a' bruidhinn agus comataidh foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh ri structar-stiùiridh ùr ann an sia ceàrnaidhean den Ghàidhealtachd. Dh'fhaodadh gum bi ceannardan anns na sgìrean sin an urra ri suas ri sia sgoiltean. Chaidh dàil, ge-tà, a chur air na planaichean ann am Malaig agus Fàrr ann an Cataibh.

Teine

Thugar duine an grèim agus e air a chur às a leth gun do thòisich e teine air bòrd na trèana-oidhche bho Alba gu Lunnainn. Thathas a' tuigsinn gun robh an teine far an robhar a' cumail mhàileidean fhad 's a bha an trèana a' dol tro Stèisean-rèile Logarbaidh ann an uairean beaga na maidne an-dè. Chaidh oifigearan air an trèana ann an Cathair Luail agus thug iad am fireannach, 21, an grèim fo amharas gun do thòisich e teine agus gun robh e a' goid.

Leabhar

Agus chaidh leabhar a thilleadh gu Leabharlann Arcaibh 43 bliadhna nas anmoiche na bha còir. Chaidh a lorg nuair a bhathas a' falamhachadh taighe. Thuirt manaidsear an leabharlainn nach biodh càin ann seach gun robh e cho fada bho chaidh falbh leis. Tha an leabhar mu bheatha a' bhàird Edwin Muir, air a sgrìobhadh le P. H. Butter.