Rabhadh mu ionad Dhùnrath

  • 27 Am Faoilleach 2017
Dùnrath Image copyright Thinkstock

Thug aonaidhean ciùird rabhadh seachad gum faodadh seann ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh a bhith air a dhùnadh an ceann beagan mhìosan ri linn eas-aonta mu phàigheadh.

Dhiùlt buill an GMB, Unite agus Prospect tabhartas pàighidh bho Dounreay Site Restoration Earranta (DSRL) fo am faigheadh iad àrdachadh pàighidh 1% san Damhair an-uiridh.

Thuirt na h-aonaidhean gun tàinig "còmhraidhean èiginneach" le DSRL Diardaoin gu crìch gun aonta, agus gun robh baileat air stailc air fàire.

Thuirt DSRL gun robh na thabhainn iad "coltach ri" àrdachaidhean pàighidh eile.

Thuirt na h-aonaidhean gun cuireadh stailc stad air obair air fad aig an làraich.

Tha an t-ionad aig Dùnrath, faisg air Inbhir Theòrsa, ga dhì-choimiseanadh.

Chaidh a thogail sna 1959an mar ionad airson deuchainnean a dhèanamh air cumhachd niuclasach.

Tha na h-aonaidhean ag ràdh gum faigheadh a' chompanaidh leis a bheil DSRL, Compàirteachas Cavendish Dhùnrath, air tabhartas pàighidh na b' fheàrr a dhèanamh ri linn nam prothaidean a tha iad air a bhith a' dèanamh.