Molaidhean gan sireadh mu mhaoineachadh Gàidhlig

  • 27 Am Faoilleach 2017
A' Ghàidhlig

Tha cothrom aig daoine am beachdan a chur gu Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air mar a bu chòir £15,000 a chosg air leasachadh na Gàidhlig san sgìre.

Fhuair iad an t-airgead bho Riaghaltas na h-Alba, ach 's e muinntir an àite a nì co-dhùnadh air mar a thèid a roinn a-mach.

'S dòigh cho-dhùnaidh buidseit a th' ann a thàinig à Braisil an toiseach.

"Tha Riaghaltas na h-Alba gu math fhèin geur air "a' bhuidseatadh com-pàirteach" a tha seo," thuirt an comhairliche Ìleach, Robin MacMhuirich.

"Agus bha sinne cuideachd gu math geur airson rudeigin mar sin, agus tha sinn a-nis toilichte gun d' fhuair sinn airgead airson Gàidhlig.

"'S e rud math a th' ann airson na sgìre tha mi a' smaoineachadh.

"Tha sinn a-nis ag iarraidh air daoine a bhith ag ràdh dè bu chòir dhuinn a dhèanamh airson Gàidhlig leis an airgead seo.

"'S e an dòigh as fheàrr air fios a chur thugainn, air-loidhne.

"Ach meanndaidh iad sgrìobhadh chun na Comhairle cuideachd, agus an sin bidh panal ann a bhios ag amharc air a h-uile stuth a tha iad ag ràdh, agus an dèidh sin bidh iad a' bhòtadh càite am bi an t-airgead a' dol."