Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh

Dh'fhàs eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte 0.6% anns a' chairteal mu dheireadh de 2016. Bha am fàs as motha anns na roinnean seirbheise, agus nas laige ann an roinnean tionnsgalachd agus togail. Thuirt an Seansalair Phillip Hammond gu bheil an t-àrdachadh a' sealltainn cho seasmhach 's a tha an eaconamaidh a dh'aindeoin na bhòta airson Brexit.

Slàinte Cloinne

Fhuair aithisg ùr gu bheil clann ann an Alba am measg an fheadhainn as mì-fhallaine anns an Roinn Eòrpa. Thuirt a' Cholaiste Rìoghail airson Leigheas agus Slàinte Cloinne gur e bochdainn as motha a tha ag adhbharachadh na trioblaid. Dh'iarr iad air luchd-poileataigs air feadh na Rìoghachd Aonaichte ceumannan a ghabhail gus cùisean a leasacahdh.

RBS

Tha Banca Rìoghail na h-Alba air £3bn eile a chur mu seach airson càintean a phàigheadh anns na Stàitean Aonaichte. Thuirt àrd-oifigear a' bhanca, Ross MacEòghainn, gu bheil RBS a' pàigheadh peanas cruaidh dha-rìribh airson a bhith a' mì-reic mhorgaidsean mus an do bhuail staing a' chreideis.

Theresa May

Canaidh Theresa May a-nochd fhathast gu bheil Brexit agus taghadh Dhòmhnaill Trump a' toirt cothruim do Bhreatainn agus Aimeireaga am misneachd fhaighinn air ais agus a bhith a' treòrachadh còmhla a-rithist. Bidh am Prìomhaire a' bruidhinn aig cruinneachadh de cheannardan Poblachdach ann am Philadelphia, là mus coinnich i ri Mgr Trump anns an Taigh Gheal.

In-imrich

Gheall grunn bhailtean anns na Stàitean Aonaichte gun cuir iad dìon air in-imrich mì-laghail, a dh'aindeoin 's gu bheil Dòmhnall Trump a' bagairt an t-airgead aca a ghearradh mura cuir iad na laghan in-imrichis aige an sàs. Tha mèaran New York agus Boston ag ràdh nach toir iad feart air an òrdan a thàinig bhon Cheann-Suidhe ùr, agus tha mèar Seattle air iarraidh air na h-oifigich aige na buidseatan aca ath-sgrìobhadh air eagal 's gun tèid maoin feadaraileach a ghearradh.

Càraichean

Tha an àireamh de chàraichean a tha gan togail ann am Breatainn aig an ìre as àirde airson 17 bliadhna. Chaidh 1.7 millean carbad a thogail an-uiridh, leis a' mhòr-chuid dhiubh gan creic thall thairis. Ach thuirt àrd-oifigear chomann riochdachaidh a' ghnìomhachais - ged a tha Nissan ag ràdh gun tèid dà mhodail ùr a thogail ann an Sunderland - gu bheil companaidhean eile air dàil a chur air na planaichean leasachaidh aca.