Rabhadh bho NHS nan Eilean Siar
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh bho NHS nan Eilean Siar gum bi e doirbh seirbheisean a ghlèidheadh.

25 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' toirt rabhadh seachad gum bi e doirbh cuid de sheirbheisean a ghlèidheadh san àm ri teachd, le na tha de luchd-obrach aca a tha faisg air an dreuchdan a leigeil dhiubh.

Aig coinneimh den bhòrd Diciadain, thuirt an t-Àrd-Oifigear gum feum na h-eileanan air fad obrachadh còmhla airson freagairt a lorg.

Tha an aithris seo aig Catriona NicIllInnein.