Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Às-mhalairt

Dh'fhàs margaidh às-mhalairt na h-Alba ann an 2015. Chaidh na bha Alba a' creic thall thairis an-àirde 3.6%, le às-bhathar chun a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte a' dol suas 4.4%. A rèir àireamhan bho Àrd-Staitistigiche na h-Alba, gun a bhith a' cunntas ola agus gas, choisinn Alba £28.7bn le bhith a' creic stuth 's sheirbheisean ri dùthchannan eile. Tha sin suas £1bn air 2014.

Brexit

Tha cuideam ga chur air Theresa May na planaichean aice airson Brexit a chur mu choinneimh na Pàrlamaid. Tha na Làbaraich agus na h-uimhir de dh'àrd-bhuill a' Phàrtaidh Thòraidhich ag ràdh gum bu chòir slàn-dheasbad a bhith anns na Cumantan mus tèid Artaigil 50 a chur an sàs. Feasgar an-diugh, innsidh Ministear Bhrexit an Riaghaltais Albannaich do Phàrlamaid Holyrood nach eil cus ùine air fhàgail aig Riaghaltas Westminster airson aire a thoirt do dh'fheumalachdan Alba a thaobh a bhith a' fàgail an EU.

Dòmhnall Trump

Tha dùil gun gabh Dòmhnall Trump a' chiad cheum an-diugh ann a bhith a' coileanadh a gheallaidhean mu bhith a' togail balla air a' chrìch le Meagsago. Chleachd an Ceann-Suidhe Twitter airson innse gu bheil 'là mòr' air fàire airson tèarainteachd nàiseanta, agus am measg rudan eile gun tèid am balla a thogail. Tha e cuideachd air aithris gu bheil Mgr Trump a' dol a dh'iarraidh riaghailtean bhìosa nas teinne air daoine bho sheachd dùthchannan anns an Ear-Mheadhanach agus Afraga.

An Òlaind

Agus thuirt Riaghaltas na h-Òlaind gun stèidhich iad maoin eadar-nàiseanta do bhuidhnean a tha a' cuideachadh bhoireannach ann an dùthchannan bochda a tha a' sireadh casg-breith. Tha seo a' leantainn air mar a chuir Dòmhnall Trump stad air airgead bho na Stàitean Aonaichte o bhith a' dol chun nam buidhnean seo. Thuirt Ministear Leasachaidh na h-Òlaind, Lilianne Ploumen, an àite a bhith a' lùghdachadh àireamhan casg-breith, gun toir co-dhùnadh Mhgr Trump buaidh air slàinte bhoireannach.

Glaschu

Tha dùil-aoise mhuinntir Ghlaschu nas ìsle na ann an sgìre comhairle sam bith eile ann am Breatainn. Sheall àireamhan ùra, a-mach às gach 100,000 neach a tha a' fuireach anns an sgìre, gun do chaochail 1,448 dhiubh ann an 2015. Tha sin còrr 's 50% nas àirde na Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear, a chlàr 926 bàs airson gach 100,000 duine.

Seirbheis adhair

Thàinig rabhadh bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gun toir e droch bhuaidh air euslaintich ma thèid planaichean air adhart airson atharrachadh a dhèanamh air an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla. A rèir a' bhùird, thèid a dhèanamh nas duilghe do dh'euslaintich faighinn dhan ospadal ann an Inbhir Nis fon chlàr-ama ùr a tha Loganair an dùil a chur an sàs aig deireadh a' Mhàirt.