Èiginn na seirbheis eiridinn

  • 25 Am Faoilleach 2017
NHS na Gàidhealtachd

Thuirt an t-aonadh Unite gu bheil an t-seirbheis eiridinn ann an cuid de sgìrean air Ghàidhealtachd air ìre èiginneach a ruighinn.

Tha iad a-nise airson 's gun tèid dèiligeadh ris an t-suidheachadh gu sgiobalta.

Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil dragh mòr air na buill aca ann an iar-thuath na Gàidhealtachd agus Gallaibh agus carbadan eiridinn èiginneach gan cur gu feum airson euslaintich nach eil ann an staid èiginneach a thoirt a dh'ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tha Unite ag ràdh gu bheil sin a' fàgail gu bheil grunn cheàrnaidhean den Ghàidhealtachd gun seirbheis èiginneach idir, gu h-àraid an t-Eilean Sgitheanach, an Gearasdan agus Gallaibh.

Dh'innis iad cuideachd gun tèid iarraidh air sgiobannan a th' air Inbhir Nis a ruighinn dèiligeadh ri garimean èiginneach sa bhaile mus till iad dha na sgìrean aca fhèin.

Thuirt Ridseard MacIlleBhàin bhon bhuidhinn nach bu chòir an leithid tachairt ach uair ainneamh.

Thuirt fear-labhairt bhon t-seirbheis eiridinn gu bheil fios aca gu bheil cuideam ga chur air an t-seirbheis agus gu bheil iad ag obair còmhla ri Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd airon sin a chur ceart.

Ma tha suidheachadh èiginneach ann agus mura h-eil carbad eiridinnn ri fhaotainn, dh'innis e gu bheil roghainnean eile mun coinneimh, leithid dhaoine a th' air an trèanadh ann an ciad chobhair no itealan eiridinn.