Barrachd airgid ga iarraidh do sgeama croite

  • 23 Am Faoilleach 2017
Taigh-croite

Dh'iarr an comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, gun tèid barrachd airgid a chur ann an Sgeama nan Taighean Croite.

Sgrìobhaidh e gu Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, agus e ag iarraidh gun tèid coimhead ris an sgeama a-rithist.

Rinn Riaghaltas na h-Alba crathadh air an sgeama an-uiridh.

Dh'fhoillsich iad taic £705,000 'son a roinn eadar 21 chroitear a bha airson taighean ùra a thogail neo na taighean a th' aca a leasachadh, le suas ri £38,000 ann 'son gach croitear.

Tha draghan air leantainn mun sgeama, ge-tà.

Thuirt fear a th' air a bhith na chroitear fad a bheatha, Coinneach MacIllInnein, gu bheil esan den bheachd gu bheil an sgeama a' fuadach dhaoine òga a-mach à croitearachd buileach glan.

Nochd BBC Radio nan Gàidheal gun do dh'iarr 28 croitear anns na h-Eileanan an Iar taic bhon sgeama, is gun d' fhuair 11 dhuibh airgead.

Thuirt an Comh. Manford gu bheil e air a mhisneachadh gun do chuir na h-uimhir a-steach airson brath a ghabhail air an sgeama sa chiad dol a-mach, ach gu bheil feum air barrachd airgid gus am faigh tuilleadh dhaoine buannachd às.

Dragh

"Tha e a' cur dragh mòr orm gu bheil na h-àireamhan sin ann", thuirt an Comh. Manford.

"Tha e a' dèanamh toilicheas dhomh gu bheil uiread de dh'àireamhan air tighinn air aghaidh agus tha e math a bhith a' faicinn gu bheil na h-uiread ag iarraidh air ais.

"Tha mi a' tuigsinn uamhasach math nach eil na faclan sin a' dèanamh cuideachadh sam bith dha na daoine a chaidh air aghaidh agus a tha a' coimhead air aghaidh 'son taigh a thogail is nach d' fhuair an t-ionmhas 'son a dhèanamh.

"S ann air an adhbhar sin a dh'fheumas sinn obrachadh, agus obrachadh ann an cabhag, airson faicinn ciamar as urrainn dhuinn faochadh a thoirt air a' chuspair seo", thuirt e.

Thuirt an Comh. Manford gu bheil e a' tuigsinn gu bheil an sporan poblach gann an-dràsta.

Dh'innis e ge-tà, gu bheil e misneachail gun gabh barrachd airgid a lorg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile