Teine ann an Steòrnabhagh

  • 20 Am Faoilleach 2017

Thugadh fireannach gu Ospadal nan Eilean Siar às dèidh teine ann an togalach ann an Steòrnabhagh Diardaoin.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu teine ann am flat air Rathad Pherceval a Deas mu 6.15 feasgar.

Chaidh dà charbad-smàlaidh dhan làraich is fhuair iad smachd air an teine.

Chleachd iad uidheamachd analachaidh airson an duine a thoirt a-mach às an togalach.