"Thoiribh feart do bhòt HIE"
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iarrtas gun toir Riaghaltas na h-Alba feart dhan bhòt air bòrd HIE

19 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt fear de chomhairlichean nan Eilean Siar gu bheil e airson 's gun toir Riaghaltas na h-Alba feart air mar a bhòt a' phàrlamaid air a' phlana airson HIE a chur fo smachd aon bhòrd nàiseanta còmhla ri buidhnean eile.

Thuirt Alasdair MacLeòid gun robh an riaghaltas a' tarraing sheirbhiesean chun a' mheadhain, gun a bhith a' toirt suim dha na feumalachadan neo beachdan a th' aig muinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.