Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chuir am Prìomhaire Theresa May an cèill a lèirsinn mu Bhrexit, 's i a' bruidhinn ri ceannardan gnìomhachais aig Fòram Eaconamach na Cruinne ann an Davos. Thuirt i gu bheil atharrachadh mòr air fàire do dh'àite Bhreatainn, ach gum feum i slighe ùr a chruthachadh. Thuirt i gur e slighe mhì-chinnteach a bhios ann aig amannan, ach gu bheil Breatainn ag amas air a bhith nas cruinneile agus nas eadar-nàiseanta. Thog i cuideachd air a cuid phlanaichean airson aonta malairt ùir eadar an dùthaich agus an EU.

An Eadailt

Chaidh co-dhiù aon neach a mharbhadh san Eadailt agus tha 30 fhathast a dhìth an dèidh mar a bhuail maoim-sneachda taigh-òsta ann an sgìre Abruzzo den dùthaich. Thàinig seo an dèidh grunn chrithean-talmhainn anns an sgìre an-dè. Tha iomairt chobhair a' leantainn aig an taigh-òsta agus dragh gu bheil mòran air am beatha a chall.

HIE

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh gun obraich e le na pàrtaidhean eile sa Phàrlamaid an dèidh mar a chaill an Riaghaltas bhòt a-raoir mu chur às do bhòrd HIE. Bhòt 64 de Bhuill-Phàrlamaid na h-Alba airson gluasad Tòraidheach gum bu chòir bòrd na buidhne iomairte a ghlèidheadh, le 63 na aghaidh. Tha ministearan an SNP airson bòrd aonaichte a chruthachadh le uallach airson buidhnean iomairt na dùthcha air fad, ach tha Keith Brown a-nis ag ràdh gun obraich e le na dùbhlanaich mun t-slighe as fheàrr air adhart.

Ospadal Bharraigh

Chuir an Comhairliche Barrach Dòmhnall Manford fàilte air dearbhadh bho Rùnaire na Slàinte gun tèid coimhead às ùr air ospadal ùr do Bharraigh leis an Riaghaltas. An dèidh chòmhraidhean ron Nollaig, chaidh aontachadh gun cuir Bòrd Slàinte nan Eilean Siar planaichean às ùr air adhart, 's gun tèid clàr-ama a dheasachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba. Thog Mgr Manford dragh roimhe mu cho fad 's a bha e a' toirt gluasad fhaighinn air a' chùis.

Gambia

Tha aithrisean gu bheil saighdearan à Senegal air a dhol thairis air crìochan a' Ghambia, far a bheil ceannard na dùthcha, Yahya Jammeh, a' diùltadh a dhreuchd a leigeil dheth. Bha dùthchannan air taobh siar Afraga air innse do Mhgr Jammeh gun robh gu meadhan-oidhche aige airson a cheannas a leigeil seachad an dèidh dha taghadh a' chinn-suidhe a chall air a' mhìos a chaidh. Thuirt am fear a bhuannaich an taghadh, Adama Barrow, gu bheil e an dùil a bhòidean a ghabhail an-diugh fhathast aig cuirm a thèid a chumail ann an ambasaid Ghambia ann an Dakar, prìomh bhaile Senegal.

Teine

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh càr na smàl ann an sgìre Bhaile a' Chnuic den bhaile tron oidhche. Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 03:30m an-diugh gu Gàrraidhean Bhaile an Lòin. Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun chùis a dhol thuca.