Rùnaire a' Chumhachd a' dol dha na h-Eileanan Siar

  • 19 Am Faoilleach 2017
Crann-gaoithe

Thuirt Rùnaire a' Chumhachd ann an Riaghaltas Westminster, Greg Clark, gun tadhail e air na h-Eileanan Siar aig deireadh na h-ath-mhìos neo aig toiseach a' Mhàirt.

Tha co-chomhairleachadh a' dol an-dràsta 's Riaghaltas Westminster a' ceasnachadh am bu chòir dhaibh cumail orra a bhith a' toirt taic do chumhachd eileanach, 's iad air co-dhùnadh roimhe an taic aca do tuathan-gaoithe air tìr a stad.

Tha Ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNeìll, ag ràdh gum bu chòir dèiligeadh ri cumhachd eileanach ann an dòigh eadar-dhealaichte gus an lean an taic air a shon.

'S ann às deidh dhan cho-chomhairleachadh sin a thighinn gu ceann a thadhaileas Mgr Clark air na h-Eileanan.

Choinnich Aonghas Brianan MacNèill ri Mgr Clark an t-seachdain seo, 's chuir e fàilte air na gheall e dha.

"Aon de na rudan a dh'fhaodamaid a bhith meadhanach toilichte mu dheidhinn - gu bheil e deònach co-dhiù a dhol ann agus a bhith ag èisteachd".

Thuirt Mgr MacNèill gum bu chòir cuideam a chur air a' bhuannachd choimhearsnachd a tha an lùib chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo