Signeul a' falbh a Fionnlain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fàgaidh Anna Signeul a dreuchd aig deireadh farpais Euro 2017

18 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha coidse sgioba bhoireannach na h-Alba, Anna Signeul, gu bhith a' fàgail a dreuchd às dèidh iomairt na sgioba aig farpais Euro 2017. Chuir Signeul ainm ri cùmhnant ùr ro dheireadh na bliadhna a chaidh, ach dh'innis i an t-seachdain-sa gu bheil i a falbh a dh' obair le sgioba na Fionnlainn.