Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha buidheann de bhuill Thòraidheach a' cur ceist mu choinneimh na Pàrlamaid 's iad ag iarraidh air a' Phrìomhaire a dhol gu Taigh nan Cumantan seach feitheamh ri aithris bho Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis. Tha feadhainn de na Tòraidhean mì-thoilichte 's iad ag ràdh gum bu chòir do Theresa May a plana airson Brexit a thoirt do Thaigh nan Cumantan an toiseach, mus dèan i òraid air a' chùis ann an Lunnainn an-ceartuair.

Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd, a rèir clàr an CPI, gu 1.6% anns an Dùbhlachd, an ìre as motha ann an dà bhliadhna gu leth. Bha e suas bho 1.2% anns an t-Samhain. Bha cosgais bith-beò nas motha na bha eòlaichean an dùil 's tha iad ag ràdh gur e prìs a' bhìdh agus faraidhean adhair nas daoire as motha a thug buaidh air sin.

Davos

'S e an Ceann-Suidhe Xi Jinping a' chiad cheannard Sìonach riamh a tha air bruidhinn ri Fòram Eaconamach na Cruinne nuair a thug e òraid dhan choinneimh ann an Davos anns an Eilbheis an-diugh. Rinn e moladh air cruinnealachd, agus tha sin ga chur an aghaidh Dhòmhnaill Trump, a tha air bruidhinn mu thràth air gnìomhachas Aimeireaganach a dhìon bho bhathar saor Sìonach.

Cumhachd ath-nuadhachail

Tha oidhirp eile ann an-diugh toirt air an Riaghaltas taic a ghlèidheadh do phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan. Tha Ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, am measg na bhios a' coinneachadh ri ministearan an Riaghaltais agus e ag iarraidh orra am beachd atharrachadh air sgur den taic do phròiseactan ath-nuadhachail ann an sgìrean eileanach.

SQA

Tha Comataidh an Fhoghlaim ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gum feumar càirdeas nas fheàrr a stèidheachadh gu sgiobalta eadar tidsearean na h-Alba agus Ùghdarras Teisteanas an SQA. Thuirt a' chomataidh gu bheil dearbhadh aca air cion fiosrachaidh shoilleir agus mearachdan ann am pàipearan deuchainn agus gu bheil cion earbsa aig tidsearan anns a' bhuidhinn. Thuirt an SQA gun toir iad sùil air na tha a' chomataidh a' moladh dhaibh.