Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Glaschu

Dhearbh poilis gun robh tachartas le gunna faisg air bun-sgoil ann an Glaschu, Bun-sgoil an Naoimh Seòras ann an sgìre Penilee, goirid an dèidh 09:00m. Thuirt na Poilis gu bheil oifigearan aig an sgoil, nach eil cunnart sam bith ann do chloinn-sgoile no do luchd-obrach agus gu bheil iad air tuilleadh oifigeach a chur air patròl anns an sgìre.

Dòmhnall Trump

Gheall Dòmhnall Trump gun dèan e aonta sgiobalta agus cothromach airson malairt eadar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte. Thuirt an Ceann-Suidhe Taghte gun toir e prìomhachas do chàirdeas ri Breatainn nuair a ghabhas e an dreuchd Dihaoine. Thuirt na Làbaraich nach eil cinnt sam bith ann am briathran Mhgr Trump agus gur ann a bu chòir do Theresa May aire a thoirt do dh'aonta leis an Aonadh Eòrpach.

An Not

Dh'èirich luach an Not beagan mu choinneimh an Dolair ach tha e fhathast sìos mu choinneimh an Euro. Thuit luach an Not air na margaidhean anns a' mhadainn le aithrisean gun leig Theresa May fhaicinn gu bheil i deònach Breatainn a thoirt a-mach às a' mhargaidh shingilte nuair a bhruidhneas i a-màireach air a planaichean airson Brexit.

Stormont

Tha a h-uile coltas gun tuit Seanadh Èireann a Tuath an-diugh agus Sinn Féin ag ràdh nach cuir iad duine an àite Mhàrtainn MhicAonghais mar Leas-Phrìomh Mhinistear ann an Stormont. Mura h-atharraich sin ro 5:00f cha bhi roghainn aig Rùnaire Èireann a Tuath, Seumas Brokenshire, ach taghadh a ghairm.

Rannsachadh

Tha rannsachadh air bàs 30 duine de luchd-turais Breatannach ann an Tunisia a' bhòn-uiridh a' tòiseachadh ann an Lunnainn an-diugh. Chaill iad am beatha nuair a loisg duine le gunna orra aig tràigh Sousse anns an Ògmhios ann an 2015.

An t-Òban

Gheall ceannardan slàinte ann an Earra-Ghàidheal nach tèid seirbheisean a ghearradh ged a tha iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air Ospadal Latharna agus nan Eilean anns an Òban. Tha beàrn de £22m ann am buidseat dà bhliadhna Chaidreachas Slàinte agus Cùraim Shòisealta na sgìre a tha a' beachdachadh air atharrachadh anns an dòigh anns a bheil an t-ospadal ga ruith.

Taighean-òsta

Chaidh companaidh aig a bheil trì taighean-òsta ann Obar Dheathain agus ann an Dùn Èideann gu rianachd. Tha an Holiday Inn Express ann am meadhan Obar Dheathain agus an Holiday Inn ann an sgìre Westhill a' bhaile fhathast fosgailte fhad 's a tha luchd-rianachd dhan chompanaidh EDC a' feuchainn ri an reic. Aig an aon àm chaidh an Holiday Inn Express ann am meadhan Dhùn Èideann a reic.