Bun-structar an Eilein Sgitheanaich ga dheasbad

  • 16 Am Faoilleach 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Bidh còmhraidhean ann an t-seachdain seo feuch ciamar as urrainnear bun-structar an Eilein Sgitheanaich a leasachadh.

Coinnichidh am BPA Gàidhealach, Ceit Fhorbeis, ri Fiona Hyslop, Rùnaire a' Chaibineit airson Cultair is Turasachd.

Thuirt Ms Foirbeis gu bheil turasachd a' fàs gu mòr san Eilean Sgitheanach is gu bheil barrachd dhaoine a' tighinn a dh'fhuireach anns an eilean.

Feumar gnothaichean mar rathaidean is eile a leasachadh a rèir an leudachaidh a th' ann, tha i ag ràdh.

"'S e seud a tha san Eilean Sgitheanach a thaobh turasachd air a' Ghàidhealtachd is tha àireamhan a' fàs gach bliadhna, ach tha seo a' cur uallaich air bun-structar", thuirt Ceit Fhorbeis.

"Tha e cudromach gun stèidhich sinn plana air thoiseach air bliadhna thrang eile", thuirt i.

Gearananan

Tha gearanan air a bhith ann mu staid nan rathaidean is dìth pàrcaidh is ghoireasan eile san eilean.

Tha mì-thoileachas mòr ann an-dràsta fhèin ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich mun t-seirbheis aiseig eadar Malaig is Armadal.

Dhearbh Cal Mac nach till am bàta an MV Coir' Uisg' dhan t-slighe am-bliadhna a dh'aindeoin iarrtais bhon bhuidhinn Fòram Còmdhail Shlèite.

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil aiseag eile ann a tha cho freagarrach air an t-slighe, is gum bi droch-bhuaidh aig a' cho-dhùnadh seo air turasachd, am measg eile.

Thàinig e am bàrr mar thà gu bheil cuid de chompanaidhean an dùil an t-eilean a sheachnadh air sgàth thrioblaidean a bh' aca le aisgean an-uiridh.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil luchd-turais airson tilleadh", thuirt Ceit Fhorbeis.

"Chan eil mi idir airson is gun seachainn daoine an sgìre air sgàth rudan a tha air tachairt le aiseagan no pàrcadh", thuirt i.

Bidh a' choinneamh ann Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo