Blackford feargach mu aiseag Armadail

  • 16 Am Faoilleach 2017
MV Loch Fyne

Tha BP Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar, Ian Blackford, air sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail ann am Pàrlamaid na h-Alba, Humza Yousaf, agus an fhearg air mu phlanaichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn 'son aiseag Armadail as t-Samhradh seo.

Thuirt Stiùiriche Obraichean Chal Mac, Drew Collier, gu bheil a' chompanaidh air a bhith ag èisteachd ri beachdan luchd-cleachdaidh nan aiseagan.

Tha Mgr Blackford den bheachd ge-tà, gum feum Cal Mac fuasgladh fhaighinn air suidheachadh a tha "na chùis-naire".

Sgrìobh BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gu Mgr Yousaf cuideachd o chionn ghoirid, ag iarraidh air sùil gheur a chumail air an aiseag as t-Samhradh.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag iarraidh gun tèid an MV Coir' Uisg' - a chaidh a dhealbhachadh don t-slighe ach tha a-niste ag obair ann am Muile - a thilleadh.

Ach tha Cal Mac air dà shoitheach - MV Loch Fyne agus MV Lord of the Isles - a chur air an t-slighe.

Tha an luchd-iomairt den bheachd nach eil na soithichean sin freagarrach agus gun adhbharaich iad tuilleadh buairidh agus troimhe-chèile air an t-seirbheis.