Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd cumhachdan ùra air sochairean sòisealta a chleachdadh airson a' chiad uair gus Creideas Coitcheann a phàigheadh nas trice. Ged a tha an Creideas Coitcheann fhèin fhathast fo smachd Westminster tha cead aig Riaghaltas na h-Alba, leis na cumhachdan ùra, roghainn a thoirt do dhaoine an t-sochair sin a tharraing uair gach ceala-deug seach uair anns a' mhìos. Tha an Riaghaltas am beachd cuideachd sochairean taigheadais a phàigheadh dìreach dha na h-uachdarain seach dhan luchd-màil.

Droch Shìde

Tha mu 2,000 dachaigh an Gallaibh, Cataibh, Siorrachd Rois agus an Siorrachd Obar Dheathain gun dealain an dèidh oidhche de ghaoth làidir agus frasan sneachda. Tha còrr 's 25 sgoiltean dùinte anns a' cheann a tuath ach tha Oifis na Sìde ag ràdh gu bheil a' chuid as miosa dheth seachad agus iad air rabhadh buidhe a thogail dhan mhòr-chuid de dh'Alba, ach a-mhàin anns an ear-thuath agus ann am fìor cheann a tuath na dùthcha.

Chaidh iarraidh air daoine a tha a' fuireach ann an sgìrean ris a' chladach air costa an ear Shasainn a bhith faiceallach agus dùil ri làn àrd agus stoirm an-diugh fhathast. Chaidh rabhadh air tuiltean a-mach gu 11 sgìre le dragh gum faodadh beatha dhaoine a bhith ann an cunnart.

Cabhsair

Tha comhairle choimhearsnachd ann an Uibhist a Deas a' gearan air cho fad 's a tha Comhairle nan Eilean Siar a' toirt a' faighinn fuasgladh do cheist na Fadhla a Deas. Tha dusan bliadhna ann an t-seachdain seo fhèin bho chaill còignear às an aon teaghlach am beatha an sin ann an tuil agus stoirm. Tha Comhairle Choimhearsnachd an Ìochdair ag ràdh gur e drochaid a tha a dhìth agus gum feum a' chomhairle èisteachd ri eòlas muinntir na sgìre.

Cùram

Thèid oidhirp a dhèanamh air cùram seann daoine an ceann a tuath Leòdhais a leasachadh gus nach fheum iad a bhith a' fàgail na sgìre. Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn, a tha a' comharrachadh deich bliadhna bho cheannaich iad am fearann, ag ràdh gur e goireasan agus seirbheisean seann daoine a leasachadh an rud dhan toir iad prìomhachas anns an ath fhichead bliadhna.