Sneachd a' dùnadh sgoiltean mu thuath

  • 13 Am Faoilleach 2017

Tha sneachd agus rathaidean sleamhainn air corr is 30 sgoil a dhùnadh air a' Ghàidhealtachd agus bha mu 2,000 dachaigh anns a' cheann a tuath agus an earra thuath as aonais dealain, le deigh agus gaoth làidir air buaidh a thoirt air loidhnichean cumhachd.

'S iad Gallaibh, Cataibh, Siorrachd Rois agus Siorrachd Obar Dheadhainn is motha a tha a' fulang.

Tha dùil gum fàs an t-sìde nas fhearr, ge-ta.

Chaidh rabhadh buidhe Oifis na Sìde a tha ag iarraidh air daoine "a bhith air am faiceall" a-nis a' bontain ris an earra thuath agus an fhior cheann a tuath a mhàin.