Boireannach air tuiteam dhan Chanàl Chaileannach

  • 11 Am Faoilleach 2017
Drochaid Thom na h-Iùbhraich Image copyright Anne Burgess / Geograph

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm madainn Diciadain gus cobhair a dhèanamh air boireannach a bh' air tuiteam dhan Chanàl Chaileannach ann an Inbhir Nis.

Ràinig sgiobannan smàlaidh agus carbad-eiridinn Drochaid Thom na h-Iùbhraich, ach thathas a' tuigsinn gun deach aig a' bhoireannach air a faighinn fhèin a-mach às an uisge.

Chan eil fios an robh i feumach air cobhair meidigeach.