Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Tha duine fo chasaid an dèidh dhan ghaoith car a chur den làraidh a bha e a' dràibheadh air Drochaid Rathaid Fhoirthe tràth anns a' mhadainn an-diugh. Tha e coltach nach tug an dràibhear feart air rabhadh gun robh an drochaid dùinte do charbadan àrda le neart na gaoithe. Bidh tràth feasgar ann, air a' char as tràithe, mus fhosgail an drochaid a-rithist.

Tha droch shìde a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig a' chosta an iar le mòran dhiubh nach eil a' seòladh idir an-diugh agus feadhainn eile air a bheil atharrachadh air neo maille.

Glaschu

Thuirt poilis ann an Glaschu gu bheil duine gu math ìseal anns an ospadal an dèidh do chàr bualadh ann, a dh'aona-ghnothaich, ann am meadhan a' bhaile tràth anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt na Poilis gun do leag car Volkswagen an duine, a tha 32 bliadhna de dh'aois, air Sràid Jamaica mu 00:45m anns a' mhadainn, agus tha iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair.

Barack Obama

Thàinig rabhadh bho Bharack Obama, na òraid mu dheireadh mar cheann-suidhe, gu bheil gràin-chinnidh agus neo-ionnanachd a' dèanamh cunnart do dheamocrasaidh anns na Stàitean Aonaichte. Bhruidhinn e cuideachd, anns an òraid ann an Chicago, air na rinn e mar cheann-suidhe air ath-bheòthachadh eaconamach, a' neartachadh cheanglaichean ri Cuba agus strì an aghaidh cheannairc.

Dòmhnall Trump

Chaidh Ceann-Suidhe Taghte nan Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, às àicheadh gu bheil fiosrachadh dìomhair aig na Ruiseanaich mu a dheidhinn a dh'fhaodadh milleadh a dhèanamh air. Thuirt Mgr Trump nach eil anns na h-aithrisean anns na meadhanan anns na Stàitean Aonaichte ach pàirt den iomairt na aghaidh. Thuirt an Kremlin an-diugh cuideachd nach eil fìrinn sam bith anns na h-aithrisean.

Seirbheis Smàlaidh

Gheall àrd-oifigeach Sheirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gum bi leasachadh air dòighean-obrach aig an ionad stiùiridh ann an Dùn Dè. Tha seo an dèidh sreath mhearachdan an dèidh do dh'ionad stiùiridh Inbhir Nis dùnadh air a' mhìos seo chaidh. Thàinig an gealltanas bhon àrd-oifigeach, Alasdair Hay, an dèidh dha coinneachadh ri ball Shealtainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, Tavish Scott, an-dè.

Taighean-croite

Tha cathraiche Oighreachd Coimhearsnachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas ag ràdh nach eil sgeama ùr nan taighean-croite ag obrachadh agus gur ann a tha e a' fuadach dhaoine òga a-mach à croitearachd buileach glan. Thuirt Coinneach MacIllInnein, a th' air a bhith na chroitear fad a bheatha, gu bheil na riaghailtean ùra a' ciallachadh gu bheil e do-dhèante dhan mhòr-chuid a tha ag iarraidh taigh-croite a thogail an taic-airgid sin fhaighinn.