Mì-thoileachas an Slèite mun Choir' Uisg'
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas an Slèite mun MV Coir' Uisg'

10 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha mi-thoileachas mòr ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar mun naidheachd nach bi am bàta-aiseig an Coir' Uisg' air ais a' ruith air seirbheis Chaolas Shlèite am bliadhna.

Bha luchd-iomairt ag iarraidh gun tilleadh an t-aiseag a chaidh a thogail a dh' aona ghnothach airson na slighe eadar Malaig is Armadal.

Ach Diluain dh' inns Cal Mac gur e an MV Loch Fyne agus an Lord of the Isles a bhios a' frithealadh nam port sin.