Easbaig gu bhith stèidhichte am Beinn nam Fadhla

  • 9 Am Faoilleach 2017
An t-Easbaig McGee

Gluaisidh Easbaig Caitligeach Earra-Ghàidheal 's nan Eilean, Brian McGee, gu paraiste Bheinn nam Fadhla airson ceithir mìosan.

Bidh e ann an Eaglais Naomh Moire bhon Ghearran chun na h-Ògmhios.

An uairsin thèid Mgr Philip Massawe na àite chun na Sultaine nuair a thèid sagart stèidhichte a thaghadh dhan pharaiste.

Tha Mgr Danny Convery a tha ann am Beinn nam Fadhla an-dràsta a' gluasad a Dhrochaid Ruaidh 'son taic a thoirt do Mhonsignor Wynne mus leig esan dheth a dhreuchd san Ògmhios.

Mar as trice tha easbaig na sgìre stèidhichte san Òban, ach thuirt an t-Easbaig McGee gun robh e a' coimhead air adhart ri bhith ag obair agus a' fuireach ann am Beinn nam Fadhla.