Dragh as ùr mu bhuaidh aiseig Armadail

  • 9 Am Faoilleach 2017
MV Coir' Uisg' Image copyright Cal Mac
Image caption Chaidh an MV Coir' Uisg', a chaidh a dhealbhachadh a dh'aona-ghnothaich dhan t-slighe, a chur a Mhuile a' bhòn-uiridh.

Cuiridh daoine an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich an cùl ri gnìomhachas agus fàgaidh iad an sgìre mura tig piseach air an t-seirbheis aiseig.

Sin beachd Chathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite.

Bha Ruairidh Moireach a' bruidhinn agus dùil gun deadh clàr-ama an t-Samhraidh fhoillseachadh Dihaoine seo chaidh. Cha deach ge-tà.

Dh'iarr Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deadh an leisgeul a ghabhail airson sin.

Tha Radio nan Gàidheal a' tuigsinn gun tèid fhoillseachadh Diluain.

"Cha robh seirbheis chunbhalach no fritheilteach againn air an t-Samhradh a chaidh seachad, agus mar sin chaill na daoine sin an t-uabhas gnothaich ri linn sin," thuirt Mgr Moireach.

"Ma 's e an aon rud a thachras air an t-Samhradh a tha romhainn, 's e tuilleadh gnothaich a chailleas iad.

"Tha iad air ionmhas agus saothar agus obair mhòr a chur a-steach airson gum bi na gnìomhachasan sin tarraingeach do luchd-turais, agus gum bi iad soirbheachail, agus gum bi daoine ag iarraidh tilleadh air ais thuca.

"Ach leis cho mì-earbsach 's a tha seirbheis an aiseig, tha an droch-eagal oirnn gun cuir daoine cùl ris an sgìre againn buileach glan," thuirt e.