Corp ga lorg faisg air baile Tomaich

  • 6 Am Faoilleach 2017
Cornelius Van Der Wetering Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh Cornelius Van Der Wetering fhaicinn mu dheireadh air an 28mh dhen Dùbhlachd.

Thuirt Poileas Alba gun deach corp fireannaich, a bha sna leth-cheudan, a lorg feasgar Diardaoin, faisg air baile Tomaich air taobh siar Shrath Ghlais, mu 30 mìle bho Inbhir Nis.

Ged nach deach an duine ainmeachadh gu h-oifigeil, thuirt na Poilis gun robh iad a' cumail fiosrachaidh ri teaghlach Chornelius van der Wettering às an Olaind, a chaidh fhaicinn mu dheireadh san sgìre bho chionn còrr air seachdain.

Bha e air a chur roimhe fhèin còiseachd à Tomaich gu Caol Loch Aillse.

Chan eil na Poilis amharasach mun chùis.

Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.