Connadh nas daoire

  • 5 Am Faoilleach 2017

Dh'èirich pris a' pheatroil agus an diesel anns an Dùbhlachd chun na h-ìre a b' àirde bho chionn bliadhna gu leth, a rèir rannsachaidh ùir.

A rèir an RAC, tha e a-nis a' cosg mu £63 car teaghlaich àbhaisteach a lìonadh le peatroil - sin ochd notaichean a bharrachd na chosgadh e aig an àm seo an-uiridh.

Tha seo às dèidh mar a thàinig àrdachadh air prìs na h-ola.

Chaidh prìs na h-ola suas 11.5% anns an Dùbhlachd às dèidh aonta eadar-nàiseanta airson na bhathas a' giollachd de dh'ola a ghearradh.

Tha mar a tha luach an Not air tuiteam cuideachd air buaidh a thoirt air prìs a' chonnaidh.

Thuirt an RAC gu bheil iad an dùil gum cùm prìs a' pheatroil agus an diesel orra a' dol suas anns an Fhaoilleach ach nach èirich iad uiread.