Ceum air adhart aig Gàradh Chiseoirn

  • 5 Am Faoilleach 2017
Gàradh Chiseoirn

Thug planaichean gus ath-nuadhachadh a thoirt air gàradh ola Chiseorn air taobh siar Rois ceum air adhart agus cùmhnant ga thoirt seachad airson tòiseachadh air an doca tioram a leasachadh.

Tha an fheadhainn leis a bheil an gàradh an dòchas gum bi e na ionad airson dì-coimiseanaidh, gu h-àraid clàran ola às a' Chuan a Tuath.

Tha an doc tioram aig Ciseorn am measg an fheadhainn as motha air feadh na Roinn Eòrpa, agus aig àirde anns na 70an bha ma 3,000 duine a' faighinn cosnadh air an làraich.

Thog iad mòran phìosan de chlàran-ola 'son a' Chuain a Tuath - nam measg Clàr Ninian, fear den fheadhainn as motha a chaidh a thogail.

Ach cha deach geataichean mòra an doca thioraim fhosgladh airson còrr air 20 bliadhna nuair a bhathas a' togail chasan Drochaid an Eilean Sgitheanaich.

Chaidh cumhnant luach £500,000 a thoirt dhan chompanaidh Chuimrich Harris Pye airson deuchainnean a dhèanamh air na geataichean.

Tha Kishorn Port Eta, leis a bheil an làrach, an dòchas gun tèid aca air cùmhnantan dì-coimiseanaidh fhaighinn às a' Chuan a Tuath le bhith a' dèanamh obair-leasachaidh air agus coltas gum biodh airgead mòr an cois leithid de ghluasad.